Siol Agus Aran (Gaelic Psalter)
Knox Press (Edinburgh)
€9,95 RRP
1 in basket
Hurry, only 2 left in stock
Description
Seoras TM Collins
ROIMH RÀDH
Bithidh càirdean an Ollamh Collins nach maireann, gu h-àraidh iad- san a chual cuid de na searmoinean so air an radio, a nis gu math sona a bhi faicinn nan teagasgan prìseil so ann an clò. Bha a ghuth air a chluinntinn air feadh na Gaidhealtachd le mor aoibhneas agus gràdh. Mar mhinistear soisgeulach b'urrainn a ràdh gun do bheathaich a bhilean mòran. Cha robh teachdair a bheireadh barr air 'sa Ghaidhlig. Ge be leabhar de'n Fhirinn as am biodh an ceann-teagasg, bha na briathran an còmhnaidh cho simplidh is so-thuigsinn 's gum faodadh pàisd a leantainn.
Tha sinn fo fhiachaibh do bharrachd a na aon airson ar cuideachadh ann a bhi 'g ullachadh nan searmoin so a chur ann an clò. Dh'iar- ramaid taing a thoirt dhaibh, ach gu h-àraidh do Anna Chaimbeul a rinn clò-sgriobhadh air na h-uile a tha a deanamh suas an leabhair.
Tha an leabhar a nis a' dol a mach leis an dùrachd gum bi na briathran fhathasd nam briathran beò, da rìreadh mar shìol math an rioghachd agus mar aran a neartaicheas sluagh an Tighearn nan turus tre'n fhàsach.
SEUMAS MAC AN TOISICH


